NA bu thràithe am bliadhna, thuirt Anas Sarwar gu robh cuideigin anns a’ Phàrtaidh Làbarach air abairtean gràin-chinnidheach a’ chleachdadh airson mìneachadh carson nach robh iad deònach taic a thoirt dhan iomairt ceannardais aig Sarwar. Chaidh ceannard buidheann nan Làbarach ann an Comhairle Lannraig a Deas a chur far a dhreuchd rè ùine, fad ’s a tha rannsachadh ga dhèanamh, co-cheangailte ris an tachartas.

An uair sin, chaidh aithris an t-seachdain seo gun do chleachd Ball-Pàrlamaid Làbarach airson Coatbridge Hugh Gaffney abairtean ghràin-chinnidheach aig dìnneir Oidhche na Taigeise. Thuirt am pàrtaidh gun robh e gus trèanadh fhaighinn agus, gu ruige seo, cha deach a chur far a dhreuchd. Chan e peanasachadh a th’ ann an cùrsa trèanaidh. Chuireadh tu a leithid air an CV agad.

Tha fios aig gach mac-màthar dè th’ ann an cainnt freagarrach anns an latha an-diugh agus chan eil leisgeulan aig neach sam bith, gu h-àraid Ball-Pàrlamaid. Tha e soilleir gu bheil tòrr obair aig a’ Phàrtaidh Làbarach ri dhèanamh gus stad a chur air a leithid, ach chan ann a-mhàin anns a’ Phàrtaidh Làbarach a tha na trioblaidean seo ri lorg. Feumar aithneachadh agus aideachadh gu bheil trioblaidean mòr ann an Alba le gràin-chinnidh agus feumaidh sinn barrachd a dhèanamh.

Beagan sheachdainean air ais, bha mi a’ bruidhinn ri càraid Ameireaganach a thadhail air Glaschu an-uiridh. Thuirt e gun do chòrd e ris ach gun do chur na h-ìrean de ghràin-chinnidh iongnadh air. Bha e fhèin agus caraid Afraganach ann an taigh-seinnse an teis-mheadhain Ghlaschu agus bh’ aca ri fàgail air sgàth ’s na bha cuid ag ràdh riutha. ’S e briseadh dùil a bh’ ann dhomh sin a’ chluinntinn, ach cha b’ urrainn dhomh ag ràdh nach robh sin fìor, oir b’ urrainn dhomh chreidsinn gun tachradh a leithid, ann an cuid de thaighean-seinnse co-dhiù.

Ann an agallamh an t-seachdain seo chaidh thuirt am fear-ciùil ainmeil Quincy Jones gu robh na h-ìrean de ghràin-chinnidh ann an Alba agus ann an Èireann “eagalach”. Cha tugadh iomradh sam bith eile air Alba anns an agallamh ainmeil sin.

Bidh cuid ag ràdh gu bheil gràin-chinnidh nas miosa ann an Sasainn. Chan e beachd chuideachail a th’ ann idir. Fiù ’s nam b’ e an fhìrinn a bh’ ann, agus chan eil mi idir cinnteach gur e, a bheil sinn toilichte dìreach a bhith beagan nas fheàrr na Sasainn? Ar leam gu bheil e nas fhasa an gràin-chinnidh ann an Sasainn fhaicinn, gu h-àraid nuair a tha buidhnean leithid an EDL agus Britain First mun cuairt, ach tha fianais gu leòr ann a dhearbhas gu bheil tòrr ghràin-chinnidh ann an Alba cuideachd.

Chan eil coltas gu bheil lùghdachadh brìoghmhor a’ tighinn air an àireamh de dh’eucoirean ghràin-chinnidheach ann an Alba. Chaidh 5,734 a chlàradh ann an 2004 agus 5,520 ann an 2014. Anns an eadar-ama, bha còrr is 6,000 eucoirean cha mhòr gach bliadhna agus 6,673 dhiubh aig an car as àirde.

A-rèir àireamhan bho 2013-14, ’s iadsan eadar 16 agus 20 bliadhna a dh’aois am buidheann aoise as trice a tha cionntach ionnsaighean ghràin-chinnidheach a dhèanamh. Rugadh am buidheann sin eadar 1984 agus 1988. Tha e furasta a bhith a’ smaointinn gum faigh gràin-chinnidh bàs nuair a chaochaileas na ginealaichean nas shine, iadsan a fhuair àradh ann an linn eadar-dhealaichte nuair a bha e nas cumanta agus nas fhasa gabhail ri beachdan gràin-chinnidheach. Ach chan eil am fianais gus sin a dhearbhadh ann.

Chan eil eucoirean ach na eisimpleirean as miosa, agus chan eil cultar gràin-chinnidheach a’ crochadh air eucoirean a-mhàin. Eadar 2011 agus 2016 chaidh faisg air 3000 tachartasan gràin-chinnidheach a chlàradh ann an sgoiltean Albannach, agus còrr is mìle dhiubh air tachairt ann am bun-sgoiltean. Thàinig na h-àireamhan sin bho dìreach 26 a-mach 32 de dh’ùghdarrasan ionadail, is mar sin cha bhi iad a’ toirt fios sam bith dhuinn mu dheidhinn cuid de na Comhairlichean a bu mhotha, leithid Glaschu is Obar Dheathain. Agus tha sin gun iomradh a thoirt air na tachartasan nach deach a chlàradh.

Cha do rugadh pàiste a-riamh le ceann làn bheachdan gràin-chinnidheach. Feumaidh is gun deach na h-abairtean agus beachdan gràin-chinnidheach a theagaisg dhaibh, bho inbhich aig a bheil na beachdan sin.

Chan urrainn dhomh bruidhinn mu ghràin-chinnidh gun iomradh a thoirt air gràin-chreideimh. Tha barrachd daoine deònach aideachadh gu bheil gràin-chreideimh na dùbhlan ann an Alba fhathast, ach ’s ann stèidhichte air gràin an aghaidh Èireannach a th’ anns a’ mhòr chuid de gràin-chreideimh ann an Alba. Agus cha bhi duine ag ràdh gu bheil na h-ìrean de ghràin-chreideimh nas miosa ann an Sasainn na tha iad ann an Alba. Nuair a thuigeas sinn gur e an aon ghràin a th’ ann, ’s dòcha gun tèid againn air toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air an dùbhlan mòr seo.