THA na làithean mu dheireadh den t-samhradh ann agus an t-Sultain a’ teannadh oirnn, agus i a’ toirt leatha dàrna ceann-bliadhna an reifreinn neo-eisimeileachd. ’S gann gun tèid agam creidsinn gu bheil dà bhliadhna air a bhith ann on uair sin, ach aig a’ cheart àm, tha an saoghal agus Alba air atharrachadh ann an dòighean nach gabhadh tuigsinn san t-samhradh mus an do bhòt sinn.

Is beag an t-iongnadh gun do dh’èirich iomadach sanas is ìomhaigh à iomairt an reifrinn neo-eisimeileachd a’ feuchainn ri misneachd a bhrosnachadh. Chaidh mi air làrach-lìn National Collective an-dè. Tha coltas taigh-tasgaidh air, làn rudan o àm cèin is fad às. Tha e neònach, ach ’s e àite aonaranach a th’ ann. A’ coimhead air ais air na sgrìobhaidhean an sin tha doirbh gun a bhith a’ faireachdainn cianalas airson an ama sin, nuair a chreid sinn gum b’ urrainn dhuinn ar neo-eisimeileachd a bhuannachadh an ceann beagan sheachdainean. A’ leughadh nan altan agus a’ coimhead air na dealbhan, tha an dòchas a bha air an cùlaibh cho soilleir ri fhaicinn annta fhathast.

Bu chòir dhuinn cuid den dòchas sin a ghlèidheadh oir, a dh’aindeoin na thachair air an 18mh latha, chreid gu leòr den dùthaich seo airson greis, na seachdainean mu dheireadh den iomairt dà bhliadhna air ais, gum buannaicheadh sinn.

Chunnaic mi rudan anns na làithean mu dheireadh den iomairt nach robh mi an dùil fhaicinn ann an Alba a-riamh. Chunnaic mi daoine, srainnsearan a’ tilleadh dhachaigh bhon oifis, aig mullach Sràid Bhochanain a’ deasbad mu ruith-airgead agus còrdaidhean malairt. Chan eil mi nam aonar agus is cinnteach gum bi sgeulachdan beaga mar sin agaibh fhèin, a’ taisbeanadh fhathast mar a a chaidh Alba atharrachadh leis an iomairt.

Air aon de na làithean mu dheireadh den iomairt chaidh mi sìos gu Ceàrnag Seòras. Sheall mi mun cuairt orm air an sluagh de luchd-iomairt a’ toirt taic ris an aon rud is a bha mi fhìn agus cha robh mi eòlach air aon mhac màthar dhiubh. Cha b’ aithne dhomh duine. Bha sin sgoinneil.

Bha e furasta a bhith a’ magadh orra ach tuigidh mi a-nis nas fheàrr an luach a’ bh’ air na cèilidhean mòra sin. Oir gu sìorraidh cha bhiodh gu leòr luchd-iomairt agad airson gnogadh air na dorsan uile. Bha àite ann air an iomairt do dh’iomadh seòrsa dòigh iomairt eadar-dhealaichte. A-nis dà bhliadhna on uair sin, tha cuid fhathast a’ cuimhneachadh air an deasbad agus na h-argamaidean a ghabh àite air an stairsneach aca le luchd-iomairt mar mi fhìn ach cuideachd cha deach às mo chuimhne na h-ìomhaighean den t-sluagh anns na ceàrnagan. Chan fhaca mise, agus cuiridh mi geall nach fhaca duine eile, a leithid riamh ann an Alba roimhe.

Bha e doirbh toradh an reifreinn fhulang. Chaidh mise an sàs ann am poilitigs ann an Alba as dèidh an Taghadh 2007. On àm sin gu ruige an reifrinn, a bharrachd air fo-thaghadh no dhà, cha robh mise agus feadhainn eile anns a’ Phàrtaidh Nàiseanta eòlach ach air sìon soirbheachadh anns a’ bhaileat.

Tha gu leòr a-nis a chanas gun robh fios aca ro-làimh, no co-dhiù nuair a-nochd na h-aireamhan bho Shiorrachd Chlach Mhanann, ach cha robh mise nam measg. Fhathast bha mi a’ creidsinn, an aghaidh gach pìos fianais a tha cho soilleir dhomh an-diugh, gun rachadh an latha leinn. Dh’atharraich na thachair an oidhche sin mi. Bha e doirbh. Ged nach eil mi a’ creidsinn gum b’ e co-fheall a bh’ ann agus gun deach an reifreann a ghoid, tuigidh mi na faireachdainnean a tha air cùlaibh a leithid de bheachd.

’S e cunnart a th’ ann do chuid gu bheil e doirbh a bhith a’ gluasad air adhart uaireannan. Chan eil sinn airson aideachadh gu bheil an t-àm sin, an t-àite agus na daoine uile air an atharrachadh ann an diofair dhòighean. Feumaidh sinn cuimhneachadh ge-tà na thuirt sinn ri linn na h-iomairt sin: cha b’ ann air sgàth ’s Alba anns na linntean a dh’fhalbh agus ar n-eachdraidh a bha sinn ag iarraidh neo-eisimeileachd, ach air sgàth ’s an seòrsa Alba a b’ urrainn a bhith againn anns an àm ri teachd.

Agus dà mu dhèidhinn an àm ri teachd ma-thà? Tha an suidheachadh anns a bheil sinn, far nach eil fhios aig duine dè an coltas a bhios air toraidhean Brexit, na deuchainnean mòar ron Phàrtaidh Nàiseanta agus an gluasad airson neo-eisimeileachd anns an fharsaingeachd agus am Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon gu pearsanta. Chuir Brexit poilitigs na Rìoghachd Aonaichte am breisleach. Abair cothrom do dh’Alba.

Ge brìth dè thachras, feumaidh sinn cuimhneachadh gun deach Alba a atharrachadh, agus ged nach do shoirbhich leinn nar prìomh amas, shoirbhich leinn ann an iomadach dòigh cudromach eile. Thig an latha nuair a bhios an dòchas a rug an iomairt a dhìth oirnn a-rithist.