It looks as though Highlanders may have to starting looking to their past and take matters into their own hands in order to fix Highland roads in time for the summer season.

CHUALA mi naidheachd aig an deireadh-sheachdain a thug togail dhomh a thaobh suidheachadh rathaidean na Gàidhealtachd: gun robh innleadair-thogalach air taic a thabhainn don Chomhairle gus tuill-creige nan rathaidean san sgìre aige fhèin a lìonadh saor ’s an-asgaidh.

Ged a tha mi fhìn an-dràsta a’ fuireach ann an Glaschu, chì mi tric air buidhnean Facebook a leithid ‘Skye Free Ads’ gu bheil gearainean ann mu staid nan rathaidean san Eilean Sgitheanach. Nise, bidh deasbad tric a’ dol air na buidhnean seo mu rudan dhen a leithid. Mar sin, shaoil mise nach robh iad ach a’ gearain is a’ guraman mar a b’ àbhaist

– cha b’ urrainn dhaibh a bhith cho uabhasach sin. Uill, chaidh mi dhachaigh bho chionn mìos no dhà is feumaidh mi aideachadh gun robh! Chan fhaca mi riamh cho dona iad. Co-dhiù, chaidh cuid a chàradh bho chionn seachdain neo dhà, taing do Shealbh, as dèidh iomadach càr agus taidhr a mhilleadh mar thoireadh air staid nan rathaidean. Ach, a rèir coltais, chaidh barrachd is 154,000 toll-creige a chlàradh ann an Alba an-uiridh agus, le

cinnt, cha deach iad uile a chàradh. ’S ann aig Comhairle na Gàidhealtachd a tha an treas cuid de rathaidhean na dùthcha, agus ’s ann orrasan (agus air BEAR air na rathaidean-mòra) a tha an t-uallach gus iad seo a chàradh.

Chan e rùn-dìomhair a th’ ann gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd gann de dh’airgead – dh’aontaich iad ri gearraidhean de £7.3m sa Ghearran agus bha aca ri ath-chruthachadh a dhèanamh air a’ bhuidseat a bh’ aca. Ach carson nach dèanamaid rudeigin mu staid nan rathaidean mar choimhearsnachd agus gun stiùir sinn ar gearainean gu bhith a’ dèanamh feum, an àite a bhith ri rabhd air na meadhanan sòisealta?

Seo dìreach na rinn Mark Armstrong, fear à Alanais, aig a bheil companaidh innleadaireachd san sgìre. Mhothaich e gum biodh e a’ faighinn cuidhteas den uimhir de phic-thalmhainn as dèidh dhan chompanaidh aige crìoch a chur air obair, agus shaoil e gum b’ urrainn dha na tuill a lìonadh leis an stuth a bha seo gun mòran chosgais – sàr bheachd! Cha bhiodh aige ach a luchd-obrach a phàigheadh gus an obair a choileanadh, is cha bhiodh cosgais ann don stuth leis gun robh e air fhàgail mar thoireadh air obair eile. Nach bu chòir dhuinn a bhith a’ brosnachadh chompanaidhean dhe leithid ann a bhith a’ feuchainn ri rudeigin a dhèanamh leis an stuth chorralach a tha sin co-dhiù? Seo an dearbh rud a tha dhìth oirnn, is Mark a-nis a’ feuchainn ri companaidhean eile a bhrosnachadh gus seo a dhèanamh nan sgìrean fhèin.

Bha nàbachd, neo co-obrachadh, riamh na phàirt cudromach de bheatha nan Gàidheal – ann an coimhearsnachdan a bha an eisimeil ri croitearachd gus beòshlaint a dhèanamh, dh’fheumadh seo a bhith. Bheireadh muinntir na sgìre cuideachadh do dhaoine aig an robh feum air. Ach bhon a thàinig buaidh coimhearsnachd eadar-nàiseanta oirnn, tha seo air a dhol à bith ann am mòran sgìrean. Saoilidh mise gun tèid againn air a’ chleachdadh seo a chur gu feum a-rithist san latha an-diugh a thaobh ar rathaidean air a’ Ghàidhealtachd. Dh’fhaodamaid stuth nach tèid a chur gu feum ath-chuartachadh, is bhiomaid gan cur ri rudeigin air a bheil cruaidh-fheum: deagh rathaidean mus tigeadh an samhradh agus an luchd-turais! Mar a thuirt Mark fhèin: “Tha e na bhuannachd dhan a h-uile duine is tha e fìor mhath do spiorad na coimhearsnachd.” Ma tha na goireasan ann is daoine deònach a dhèanamh, mar a tha luchd-obrach Mark, carson nach fheuchadh sinn ri gnothaichean a chàradh dhuinn fhèin?

Nis, tha fhios gum bi sinn uile a’ pàigheadh ar cìsean – suim nach beag – do Chomhairle na Gàidhealtachd gus a leithid a dhèanamh dhuinn. Ach tha eachdraidh nan Gàidheal ag innse gun robh againn tric ri cùisean a ghabhail os làimh nuair nach tigeadh taic bhon fheadhainn os ar cionn. Ged nach eil e ceart, ma tha sinn airson ’s gum bi a’ Ghàidhealtachd deasaichte airson sruth luchd-turais a-rithist am bliadhna (’s na h-àireamhan a’ sìor fhàs), saoilidh mi gun fheàrr dhuinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn, ag obair còmhla mar choimhearsnachdan gus seo a choileanadh.

Dh’fhaodar am prionnsapal seo a chur gu feum ann a bhith a’ leasachadh ar bun-structair cuideachd: luchd-gnìomhachais ag obair còmhla ann a bhith a’ tabhainn sheirbheisean do luchd-turais, agus don fheadhainn a bhios a’ fuireach san sgìre. Ach, ’s e deasbad airson latha eile a tha sin... Thèid againn fhìn air an obair a dhèanamh gus piseach a thoirt air cùisean, ach tha deòin is conaltradh eadarainn a dhìth gus seo a dhèanamh. An-dràsta, fàgaidh mi sibh leis an t-sean-fhacal seo: ’S fheàrr treabhadh anmoch na a bhith gun treabhadh idir. Ach gu dearbh, chan e treabhadh a tha a dhìth oirnn san t-suidheachadh a tha seo, ach lìonadh!

GLOSSARY:          
Toll-creige – pothole
Innleadair-thogalach – civil engineer
Pic-thalmhainn – asphalt