While Westminster is busy fixing the boundary to the march of
Scotland, the Scottish Government’s new programme for government proves we are a nation heading in our own direction. The SNP administration has overcome any lingering hesitancy that defeat in the independence referendum may have caused. If the programme can be delivered, it will be further proof of how great the divergence between us and the rest of the UK has become.

THA e soilleir gu bheil buaidh mhòr air a bhith aig beatha poilitigeach ceannard Pàrtaidh Pàrlamaideach na h-Èireann Cathal Stiúbhard Parnell air Ailig Salmond. Is tric a tha e air luaidh a thoirt air an abairt ainmeil a tha ri leughadh air ìomhaigh Pharnell air Sràid O’Connell ann am Baile Àtha Chliath: “No man has the right to fix a boundary to the march of a nation. No man has the right to say to his country: Thus far shalt thou go and no further.”

Chleachd Riaghaltas na h-Alba an às-earrann seo ann an roimh-ràdh den phàipear co-chomhairleachaidh air neo-eisimeileachd agus reifreann air ais ann an 2007. Ged a bha Parnell a’ bruidhinn mun dàimh eadar Westminster agus Èireann anns an 19mh linn, cha robh Salmond cho ceàrr idir na faclan sin a chleachdadh ann an 2007, a-nis a’ buntainn ris an t-suidheachadh Albannach.

Loading article content

Gun teagamh sam bith tha Westminster air bacadh a chur air Alba agus air Pàrlamaid na h-Alba uair agus a-rithist. Gach latha, gu h-àraid ann an co-theacsa Brexit, tha iad ag ràdh “no further” dhuinn. Agus gun teagamh sam bith, tha Parnell ceart fhathast; chan eil còir aca. Ach uaireannan ge-tà, feumaidh sinn aideachadh, cuiridh sinn bacadh oirnn fhèin.

An t-seachdain-sa, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an clàr-reachdais aca, prògram riaghlaidh loma-làn phoileasaidhean adhartach agus inntinneach a bheireas, thathar an dòchas, atharrachaidhean deatamach gu buil ann an iomadh roinn de bheatha ann an Alba. Chan e rud foirfe a th’ ann, agus cuiridh mi geall gu bheil connspaidean gu leòr co-cheangailte ris air faire, ach bidh tòrr am measg luchd-taic a’ Phàrtaidh Nàiseanta gu math toilichte leis an clàr-reachdais seo.

Agus cha bhi iad nan aonar nam beachd. Tha ri lorg anns an clàr-reachdais seo poileasaidhean dhan tug iomadach pàrtaidh eile taic ann an Taigh an Ròid san àm a dh’fhalbh. Mar sin bu chòir ’s gum bi e nas fhasa do Sturgeon, os cionn Riaghaltas gun mhòr-chuid anns a’ Phàrlamaid b’ fhiach cuimhneachadh, taic a lorg bho cuid de na pàrtaidhean eile.

Ann an dòigh neònach, chuir seo nam chuimhne faclan Pharnell. Mus an do nochd an clàr-reachdais seo, ar leam gun robh cuid anns a’ Phàrtaidh Nàiseanta, agus cuid eile a tha a’ toirt taic do neo-eisimeileachd, air bacadh a chur oirnn fhìn. Nuair a chaill sinn an reifrinn, bha e a’ faireachdainn mar nach b’ urrainn dhuinn tighinn faisg air na bha sinn airson dèanamh air sgàth ’s nach robh neo-eisimeileachd againn.

Gun teagamh sam bith, ’s e neo-eisimeileachd a tha air cùlaibh na poileasaidhean seo, ged nach deach cus ag ràdh mun ath reifreann. Tha PNA airson sealltainn gu bheil iad comasach mar Riaghaltas fhathast, agus cuideachd gu bheil Alba agus an còrr den RA air dà slighean a tha ri dealachadh, fiù ‘s ged nach bhiodh neo-eisimeileachd againn fhathast.

Mar eisimpleir tha Riaghaltas na h-Alba a-nis airson dòigh a lorg stad a chur air luchd gun dachaigh cadal air na sràidean agus tha iad air £50 millean not a ghealltainn dhan iomairt sin. Airson fada ro fhada, tha sinn air gabhail ris gum biodh cuid ann an Alba a’ cadal air na sràidean.

Fiù ‘s anns a’ Phàipear Gheal, cha robh ach aon iomradh ghoirid air a’ chuspair agus cha tuirt e cus mu dhèidhinn. Nis, tha teans nach bi iad soirbheachail anns a’ toirt am prògram air fad gu bith, ach tha iad a feuchainn agus le seo tha iad a taisbeanadh gun urrainn dhuinn cùisean atharrachadh ann an dòigh mòr ann an Alba.

Tha an clàr-reachdais seo cudromach airson adhbhar eile; airson a’ chiad uair, nam bheachd-sa, chì sinn Sturgeon a’ stiùireadh an Riaghaltas na aonar seach a bhith fo sgàil Salmond no an teas mheadhain iomairt taghaidh.

Rinn mise is eile gearan às dèidh an Taghadh Coitcheann gun robh a’ Phàrtaidh Nàiseanta air cus chuideim a chur air na rinn iad roimhe agus cha robh e soilleir carson a bu chòir do dhuine bhòtadh air an son anns an àm ri teachd. Airson Sturgeon ’s e trioblaid mòr a tha seo, oir nuair a bhios i a’ dìon na tha PNA air dhèanamh, ’s ann, anns an fharsaingeachd, a’ dìon na rinn iad mus d’fhuair ise an dreachd mar cheannard a tha i.

Aig àm an ath thaghaidh Albannaich, ann an 2021, bidh an dùthaich air 14 bliadhna a chur seachdad le PNA na Riaghaltas. Tha cothrom aig Sturgeon anns an eadar-ama a’ taisbeanadh dhan t-sluagh na ’s urrainn dhith dèanamh nuair a tha i os cionn Riaghaltas agus nuair nach eil taghadh no reifreann dìreach beagan mhìosan air falbh.

Ma thèid leotha ann a bhith a’ toirt gu buil an clàr-reachdais seo, bhiodh sin na dheagh bhunait airson neo-eisimeileachd nuair a tha an t-àm ann airson reifreann eile. Cha tèid aig duine no dùthaich sam bith eile ag ràdh rinn “Thus far and no further” air an latha ud.

GLOSSARY:
Clàr-reachdais – legislative agenda
Pàipear co-chomhairleachaidh – consultation paper
Luchd gun dachaigh – homeless people
Bunait – foundation