The Labour Party in Scotland is hiring, with applications welcome from either end of the gigantic political spectrum the party encompasses. As it stands, only two candidates have declared their interest in the role - Anas Sarwar and Richard Leonard. But, regardless of who is ultimately successful in this leadership contest, will it really make any difference for Scottish Labour? Màiri Dhòmhnallach suspects not.
CHAIDH sinn uile ar glacadh le iongnadh an t-seachdain seo chaidh a nuair a leig Kezia Dugdale dhi a dreuchd mar cheannard air a’ Phàrtaidh Làbarach ann an Alba gu h-obann agus anns a’ bhad.
Gun fhios againn fhathast dè dìreach na h-adhbharan a thug oirre sin a dhèanamh, bha e follaiseach bhon a’ mhionaid a bhris an naidheachd gun robh i falbh nach robh aon neach am broinn a’ Phàrtaidh a bhiodh na d(h)eagh cheannard an-dèidh dhi an dreuchd fhàgail.
Seallamaid anns a’ chiad dol a-mach air an fheadhainn am measg a’ Phàrtaidh a tha air ùidh a shealltainn san obair gu ruige seo; Anas Sarwar agus Richard Leonard. Leis nach robh Alex Rowley neo Neil Findlay airson an cuid ainmean a chur a-staigh dhan taghadh, tha e coltach nach bi ach an dithis, Sarwar agus Leonard, an lùib na farpais.
Dithis a tha ùr nam Buill Phàrlamaid sa Phàrlamaid Albannaich, ach dithis a tha mion-eòlach air a’ Phartaidh Làbarach ann an Alba. Ach, ge-tà, tha an dithis aca air leth diofraichte, a thaobh eòlas agus a thaobh feallsanachd, le Anas Sarwar na neach-poiliteags lìomhte, òg, agus Richard Leonard gu mòr am measg taobh clì a’ Phàrtaidh, le dàimhean làidir am measg nan aonaidhean-ciùird.
Tha Anas Sarwar air an obair a dhèanamh roimhe; cuimhnichidh sibh gun robh e os cionn a’ Phàrtaidh an dèidh dha Johann Lamont a dreuchd a leigeil dhith agus mus d’fhuair Jim Murphy greim sleamhainn air. Bha Sarwar na Bhall Pàrlamaid ann an Westminster gus an do chaill e ann an 2015. Tha e air adhartas a dhèanamh ann an Taigh an Ròid ge-tà, ‘s e a-nis na neach-labhairt dhaibh air cùisean slàinte.
Ann am facal, tha Sarwar caran ràsanach na dhòigh – ach math dh’fhaoidte gur e sin a tha a dhìth air a’ Phàrtaidh – cuideigin a gheibh taic bhon mhòr-chuid. Chan e rud furasta a tha sin ann am Pàrtaidh a tha cho roinnte agus làn sgaraidhean ‘s a bha e riamh.
Tha Richard Leonard air slighe gu math diofraichte a leantainn gus an ìre seo a ruighinn. Chan eil e air a bhith sa Phàrlamaid ach bliadhna ach tha e air a bhith làidir am measg taobh clì a’ Phàrtaidh o chionn iomadach bliadhna. Le eòlas air na h-aonaidhean-ciùird, ‘s esan as taiceile do Jeremy Corbyn eadar e fhèin is Sarwar. Tha e air a bhith an lùib chomataidhean is eile mus deach e dhan Phàrlamaid, agus tha e follaiseach gu bheil e dèidheil air barrachd a dhèanamh gu poblach.
Tha cagairean ann a thaobh thagraichean eile - Jackie Baillie agus Monica Lennon nam measg – ach tha aon rud gu math cinnteach; cha dèan ceannard ùr cus diofar dhan a’ Phàrtaidh Làbarach ann an Alba.
Chan eil cus dòchais ann don Phàrtaidh sam àm ri teachd – tha droch nàdar air a bhith aca mar bhuidheann airson fada ro fhada. Aig ìre nàiseanta, tha Alba air a bhith aig bonn na liosta de phrìomhachasan o chionn ùine mhòr, agus chan eil e coltach gu bheil sin gus atharrachadh le Corbyn aig an stiùir; ged a thathar ag aithneachadh gum feum iad Alba a thionndadh air ais chun nan Làbaraich ma tha iad airson taghadh coitcheann a ghlèidheadh.
Ann an Alba, tha am Pàrtaidh air a bhith cinnteach a thaobh aon rud - sin a bhith a’ cur sìos air an SNP aig gach cothrom, an àite a bhith a’ cur fòcas air poileasaidhean agus feallsanachdan làidir, seasmhach. Tha toraidhean na h-iomairt sin follaiseach – tha na Làbaraich a-nis anns an treas àite ann an Alba air cùlaibh an SNP agus nan Tòraidhean – suidheachadh nach robh iad riamh an dùil.
An trioblaid? Tha fada a bharrachd duilgheadasan aig a’ Phàrtaidh na ceannard ùr a-mhàin. Am fuasgladh? Cò aig a tha fhios – ach gus an atharraich feallsanachd a’ Phàrtaidh gu mòr, cha dèan ceannard ùr feum sam bith dhaibh.
GLOSSARY
Dreuchd – Role
Ràsanach - Dull
Aonaidhean-ciùird – Trade Unions
Roinnte – Divided
Neach-labhairt – Spokesperson
Tagraichean – Candidates
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here