Màiri Dhòmhnallach considers the results of the General Election and examines some of the reasons behind them, including some strategic mistakes from the SNP and the rise and rise of Jeremy Corbyn. But what next for the SNP and for IndyRef2?

ANNS an aon seachdain ’s a tha am pàipear seo ag aithris gu bheil eucoir gràin creideimh ann an Alba aig ìre cho àrd ’s a tha e air a bhith ann an ceithir bliadhna, tha e na adhbhar iomagain - agus uabhais - gu bheil am Partaidh Tòraidheach gus riaghaltas a stèidheachadh le taic bho aon de na pàrtaidhean as claoine, grànnda a tha a’ suidhe sa Phàrlamaid Bhreatannaich - an DUP.

Ge-tà, tha fada a bharrachd air cùlaibh toraidhean an taghaidh seo na bha duine againn an dùil, agus tha e fada nas cudromaiche a bhi a’ cnuasachadh air na h-adhbharan sin na bhith a’ caoidh mu dheidhinn cò tha gus an dùthaich a riaghladh - ged a tha sin dona gu leòr.

Chaidh toll domhain a chur anns an àireamh de Bhuill-phàrlamaid a’ Phàrtaidh Nàiseanta aig an taghadh, le cuid de na pearsachan as cudromaiche agus as brìgheile am measg an fheadhainn a chaill an suidheachain. Cha robh duine againn den bheachd gun tilleadh 56 BP a’ Phàrtaidh Nàiseanta gu Westminster - bha taghadh 2015 na chùis-mhìorbhail anns an t-seagh sin - ach cha robh sinn idir an dùil ri uimhir dhiubh a chall a bharrachd. ’S ann airson iomadh adhbhar a tha sinn air an suidheachadh seo a ruighinn, agus, gu mì-fhortanach, b’ urrainn dhuinne, mar phartaidh, a bhith air barrachd a dhèanamh gus stad a chur air.

Tha e doirbh aon eisimpleir a-mhàin a chleachdadh gus na thachair an t-seachdain seo chaidh a mhìneachadh ach tha e follaiseach gu bheil miann luchd-bhòtaidh na h-Alba airson reifreann eile air neo-eisimeileachd air lùghdachadh. Ged nach eil e buileach air falbh leis a’ ghaoith, tha e na thàmh - airson greis co-dhiù. Math dh’fhaoidte gur e Brexit as coireach neo math dh’fhaoidte gur e sgìths a tha ann; tha e doirbh a ràdh. Ach tha fhios againn a-nis gum feum sinn oidhirp a dhèanamh gus barrachd misneachd a thoirt do luchd-bhòtaidh a thaobh reifreinn eile. Seo aon roinn anns nach do rinn sinn gu leòr.

Ge-tà, ’s e an dearbh oidhirp sin a dh’fhàg cuid de luchd-taic an SNP, agus iadsan a tha taiceil dha neo-eisimeileachd, caran sgìth aig àm an taghaidh seo. Gu dearbh, cha robh dùil ri taghadh idir am bliadhna, agus chaidh ar glacadh ann an iomairt ghoirid, luath a thòisich dìreach beagan làithean an dèidh taghaidhean ionadail. Tha e soilleir, ge-tà, nach robh luchd-iomairt an SNP mòr gu leòr neo làidir gu leòr an turas seo.

A bharrachd air cho luath ’s a thàinig an taghadh fhèin gu bith, tha aon rud eile a chuir ìognadh air a h-uile duine an turas seo agus ’s e sin Jeremy Corbyn. An deidh mìosan de chàineadh bho a phàrtaidh fhèin - dùbhlain ceannardais nam measg - tha Corbyn air taic iongantach a lorg dhan Phàrtaidh Làbarach, leis an roinn aca air èirigh deich puingean gu 40%. Tha e doirbh a chreidsinn gur e seo an aon duine mun duirt Kezia Dudgale an-uiridh nach robh e idir comasach am Pàrtaidh Làbarach a thoirt gu aonachd (mun aon àm a thug i taic do Owen Smith san fharpais ceannardais a bha aca).

Fhuair Corbyn taic ùr, bheòthail bhon òigridh, agus tha sin follaiseach anns na h-àireamhan ’s na figearan air fad. Ach na dìochuimhnich idir, ged a dh’fhàs an roinn aca, gun do chaill na Làbaraich an taghadh seo aig ìre nàiseanta.

Feumaidh an SNP ionnsachadh bhon eisimpleir aig Corbyn. Sheas e gu làidir, ged a bha mòran a’ cur sìos air, agus cha do ghèill e air poileasaidhean neo air cuspairean sam bith. Sin far an robh an SNP caran lag - air poileasaidhean agus air teachdaireachdan. Ged a chaidh aithris tric gu leòr gum biodh iad mar ‘ghuth làidir airson Alba’, cha robh mòran susbaint eile aca, a bhith onarach.

Dè an t-slighe air adhart, ma thà, dhan Phartaidh Nàiseanta fhèin agus dhuinne a tha taiceil do neo-eisimeileachd?

Tha fhios againn gun deach bhòt an Aonaidh ann an Alba an dà chuid dha na Tòraidhean agus dhan a’ Phàrtaidh Làbarach, ach ’s fhiach cuimhneachadh gun do bhòt cuid a tha taiceil dha neo-eisimeileachd dha na Làbaraich cuideachd. Tha sin air sealltainn dhuinn, cho soilleir ’s a ghabhas, gu bheil bhòt eile air neo-eisimeileachd na h-Alba feumach air fad a bharrachd riochdachaidh bho phàrtaidhean eile seach an SNP a-mhàin.

Feumaich sinn barrachd a chluinntinn bho na h-Uainich ann an deasbadan ùra, agus feumaidh na Làbaraich iad fhèin beachdachadh air mar a tha mòran den luchd-taic aca a-nis taiceil do neo-eisimileachd cuideachd.

GLOSSARY

Eucoir gràin creideimh - Religious hate crime

Toraidhean - Results

Lùghdachadh - Reduction

Dùbhlain ceannardais - Leadership challenges